top of page

Am Muileach Mòr a' sealltainn mar a bhiodh daoine a' ceangal nan each bus-ri-earball son falbh leotha dhan fhèill

Le bhith ag obair gus na h-eich bheaga a ghlèidheadh, bidh sinn ag obair gus pàirt de dhùthchas nan Gàidheal a chumail suas. Nuair a chomharraich Mgr Calum cho feumail - seadh, cho riatanach - 's a bha na h-eich do mhuinntir an eilein, bha e ag iomradh air dòigh-beatha a tha beag air bheag a' dol san dìochuimhne.

 

Tha Comann Each nan Eilean a' creidsinn gu bheil e mar fhiachaibh oirnn, leis na fhuaireadh de thagsa bho na h-eich, dèanamh cinnteach gun soirbhich leotha anns na h-àiteachan a bu dual dhaibh.

Agus tha a' Ghàidhlig mar phàirt den dìleab seo. Bho ainm oifigeil na buidhne gu briathrachas uidheamachd an eich gu obair cruitearachd, bha Comann Each nan Eilean a-riamh a' mothachadh cho fuaighte 's a tha a' Ghàidhlig ri obair nan each.

Tro leughadh na làraich-lìn seo, chì thu criomagan de Ghàidhlig air am breacadh tron sgrìobhadh. Far a bheil faclan is abairtean Gàidhlig a tha ùidheil dhan leughadair, tha sinn a' feuchainn ri sin a chur fur comhair.

San àm air thòiseachd oirnn, tha e nar beachd a bhith a' feuchainn ris an uimhir de Ghàidhlig a chleachdas sinn ris a' phoball a chur am meud.

Tòisicheamaid le bàrdachd a rinneadh le Dòmhnall Aonghais Bhàin nach maireann do na h-eich:

Bha iad riamh an Èirisgeidh 's gum b' fheumail iad don t-sluagh,

Bha iad troimh na linntean ann sna tìmean air ruaig;

Thàirneadh iad a' mhòine gu fògairt chur air fuachd

Is làimhsicheadh an òigridh iad 's bha iomadh spòrs nan cuairt.

Gu toirt todhar far na tràghad bha iad làidir agus treun,

Bheireadh iad gun spàirn an àirde paidhir chlèibh;

Dhìreadh iad na h-uain'-chnuic cho uallach ris na fèidh -

Cha chuireadh teas no fuachd orra, b' e an dualchas bhith treun.

Guma fad' air ghluasad iad an eilean uain' na h-òig'

A-muigh air feadh nam buailtean 's a' cuartachadh mun chrò;

Tha pailteas dhen bhiadh ac'  ann 's iad riaraichte gu leòr

'S bidh freastal a' cur dìon orra bho shìontan no ghaoth reòdht'.

- 'Eich Èirisgeidh', à Smuaintean fo Èiseabhal

Eriskay Pony Logo
  • X
  • Black Facebook Icon
  • Black Instagram Icon
  • Amazon

Registered office:

Scrien View

Balla

Isle of Eriskay

Outer Hebrides

HS8 5JL

Tel: 01878 720214

 enquiries@eriskaypony.scot 

www.eriskaypony.scot 

Registered Company No. SC211209  

Registered Charity No. SCO30581 

© All Images Are Copyrighted - No Use of Images unless you have recieved written permission
© 2024 Comann Each nan Eilean

All of the Eriskay ponies on Eriskay and Glendale on south uist are privately owned, therefore when photographing for professional or any commercial use please contact the society for permission.
bottom of page